|
Feumaidh
a h-uile pluga Breatannach fiùs.
Bidh fiùs trì amp deug a’
tighinn an cois cuid a phlugaichean às a’ bhùth, ach dèan cinnteach
gun cuir thu fiùs freagarrach ris a’ phluga gus an càball a dhìon.
Tha fiùs trì amp freagarrach
do dh’innealan suas gu seachd ceud uat a chumhachd, a leithid lampaichean agus
uidheam hi-fi.
Bidh fiùs trì amp deug
freagarrach do choire dealain, do dh’iarann, agus do dh’inneal teasachaidh
le gaotharan.
|